Céilidh gun Dùil (eadar-theangachadh dhe'n chiad dhuilleag de "The Hobbit" gu Gàidhlig)
—
(A' chiad rud 's e Gàidheal na h-Albann Nuaidh a th'annam agus sin a' Ghàidhlig a bhios mi a chleachdadh)
Ann an toll 's a’ talamh ‘fhuireachadh hobad. Chan e toll breun, salach, fliuch làn de cheann-boiteagan a bh’ ann, ach chan e toll tioram, lom, gaineamhach gun sian de bhiadh no àite-suidhe a bh’ ann na’s motha: ’S e toll-hobaid a bh’ann, ‘is tha sin a’ ciallachadh cofhurtachd.
Bha ’n doras aige cearcallach, ’is cho cruinn ri puta, air a bhith a pheantadh uaine, le noban-dorais pràise buidhe gleansaiche dìreach ann an làr an dorais. Dh’fhosgladh an doras gu talla cho cruinn cearcallach ris an doras fhìn, mar tunail: tunail glé chofhurtail gun smùid, le ballachan panaile, agus ùrlaran leacaig ‘is brataich’, uidheamaichte le sèithrichean lìomhte, agus poidhle mór mór crochadairean airson adan ’is còtaichean — ’S e duine mór airson nan céilidhean a bh’ anns a’ hobad. Thoinneadh an tunail air adhart ‘is air adhart, a dhol cha mhór dìreach a-steach ’s a’ taobh a’chnuic— An Cnoc, mar am biodh a h-uile daoine bho mhìltean mu a thimcheall a chleachdadh mar ainm air— agus dh’fhosgladh iomadh dorasan beaga cruinn ás, an toiseach air taobh a-mhàin, agus an-sin air an taobh eile. Cha téidear suas staidhre idir an hobad a th’ againne: seòmaraichean-cadail, seòmaraichean-ionnlaid, seilearan, pantraidhean (móran dhiubh), seòmaraichean-aodach (bha seòmaraichean iomlain’ aige airson aodach), cidseanan, seòmaraichean-bìdh, bha iad gu léir ann an aon ùrlar, agus gu dearbh air an aon talla. ’S iad na seòmaraichean a’s fhèarr an fheadhainn ar an taobh ceàrr dhe’n talla, air sgàth s’ gun robh iad na seòmaraichean ’s a’ toll le uinneagan, gleann-uinneagan cruinn a bh’ ann mu choinneamh a’ ghàrraidh aige, agus cluaintean thall, ‘is iad a chlaonadh a-nuas chon na h-aibhneadh.