Cànain
Scots Gaelic

Cànain

by

language learning

Halò a h-uile duine! Tha mi uabhasach toilichte a bhith an seo air Journaly agus tha mi a’ creidsinn gu bheil mi a’sgrìobhadh a’ chiad phost an seo ann an Gàidhlig na h-Alba. Tha mi ‘n dòchas gu bheil cuid agaibh ‘gam thuigsinn! Is fìor thoigh leam cànain- ionnsaich mi Frangais is Gearmailtis aig an sgoil. Tha mo bhràthair a’fuireach anns an Fhraing mar sin tha mi air cothroman fhaighinn Frangais a bhruidhinn bhon uairsin. O chionn goirid tha mi air a bhith a’neartachadh mo chuid Gearmailtis- bidh mi ag èisteachd podcastan agus a’leughadh Harry Potter anns a’Ghearmailtis agus a-nis tha a’chànan a’tighinn air ais thugam. ‘S e tìdsear a th’annam agus trì bliadhnaichean air ais thòisich mi ag ionnsachadh na Pòlnais air sgath’s gu bheil clann às a’Phòlainn anns an sgoil agam. Tha a’chànain a’còrdadh rium gu mòr ged nach eil i furasda!

0